An Roghainn Dàin Do Eimhir XXII
کاور آهنگ An Roghainn Dàin Do Eimhir XXII از Julie Fowlis

An Roghainn Dàin Do Eimhir XXII

Gach Sgeul / Every Story۱۳۹۲۳:۴۲

متن موزیک

Choisich mi cuide ri mo thuigse

A-muigh ri taobh a' chuain

Bha sinn còmhla ach bha ise

A' fuireach tiotan bhuam

An sin thionndaidh i ag ràdha

A bheil e fìor gun cual

Thu gu bheil do ghaol geal àlainn

A' pòsadh tràth DiLuain?

A' pòsadh tràth DiLuain?

Bhac mi 'n cridhe bha 'g èirigh

'Nam bhroilleach reubte luath

Is thubhairt mi: Tha mi cinnteach

Carson bu bhreug e bhuam?

Ciamar a smaoinichinn gun glacainn

An rionnag leugach òir

Gum beirinn oirre 's gun cuirinn i

Gu ciallach 'na mo phòc?

Gu ciallach 'na mo phòc?

Cha d' ghabh mise bàs croinn-ceusaidh

An èiginn chruaidh na Spàinn

Ciamar sin bhiodh dùil agam

Ri aon duais ùir an dàin?

Cha do lean mi ach an t-slighe chrìon

Bheag ìosal thioram thlàth

Is ciamar sin a choinnichinn

Ri beithir-theine ghràidh?

Ri beithir-theine ghràidh?

Ach nan robh 'n roghainn rithist dhomh

'S mi 'm sheasamh air an àird

Leumainn à neamh no iutharna

Le spiorad 's cridhe slàn

Le spiorad 's cridhe slàn