Siud Thu 'Ille Ruaidh Ghallain
کاور آهنگ Siud Thu 'Ille Ruaidh Ghallain از Julie Fowlis

Siud Thu 'Ille Ruaidh Ghallain

Gach Sgeul / Every Story۱۳۹۲۳:۲۷

متن موزیک

Siud thu 'ille Ruaidh Ghallain

Shiùbhlainn leat an cuan fairis

Siud thu 'ille Ruaidh Ghallain

Nuair a dh'fhalbh sinn leis a' bhàta

Fhuair sinn treis a' bhàirlinn mara

Siud thu 'ille Ruaidh Ghallain

Shiùbhlainn leat an cuan fairis

Siud thu 'ille Ruaidh Ghallain

Cha robh againn ach luchd ceàirde

Gobha, 's gàirnealair is ceannaich

Siud thu 'ille Ruaidh Ghallain

Shiùbhlainn leat an cuan fairis

Siud thu 'ille Ruaidh Ghallain

B' fheàrr leam am fear ruadh nam mhàthair

Nuair thàinig an gàbhadh tharainn

Siud thu 'ille Ruaidh Ghallain

Shiùbhlainn leat an cuan fairis

Siud thu 'ille Ruaidh Ghallain

An gobha dhèanadh na tàirnean

Lìrigeadh e 'n àird ri anam

Siud thu 'ille Ruaidh Ghallain

Shiùbhlainn leat an cuan fairis

Siud thu 'ille Ruaidh Ghallain

An gàirnealair bha sa ghàrradh

Cha b' ann air a' chàl bha aire

Siud thu 'ille Ruaidh Ghallain

Shiùbhlainn leat an cuan fairis

Siud thu 'ille Ruaidh Ghallain

An ceannaich aig a robh a' mhàileid

Fhuair e bhathar air a shailleadh

Siud thu 'ille Ruaidh Ghallain

Shiùbhlainn leat an cuan fairis

Siud thu 'ille Ruaidh Ghallain

Fear bha freasdal na h-aon làimhe

'S beag a b' fheàirrd' iad e sa chabhaig

Siud thu 'ille Ruaidh Ghallain

Shiùbhlainn leat an cuan fairis

Siud thu 'ille Ruaidh Ghallain

Gur e gaisgeachd agus cruadal

An fhir ruaidh thug sinn gu caladh

Siud thu 'ille Ruaidh Ghallain

Shiùbhlainn leat an cuan fairis

Siud thu 'ille Ruaidh Ghallain

Shiùbhlainn leat an cuan fairis

Siud thu 'ille Ruaidh Ghallain