Mo Bheannachd Dhan Bhàillidh Ùr
کاور آهنگ Mo Bheannachd Dhan Bhàillidh Ùr از Julie Fowlis

Mo Bheannachd Dhan Bhàillidh Ùr

Cuilidh۱۳۸۵۴:۱۲

متن موزیک

Mo bheannachd dhan bhàillidh ùr

'S tu fhèin a choisinn an cliù

Nuair a thàinig dùth le thrùp

Bho as air dhùthaich MhicLeòid

Thàinig tu led bhàirdse cruinn

Ghabh thu timcheall air Port Rìgh

Thogadh d' shaighdearan cìs

Fhad 's a mhaireadh strì nan dòrn

Mo bheannachd dhan bhàillidh ùr

'S tu fhèin a choisinn an cliù

Nuair a thàinig dùth le thrùp

Bho as air dhùthaich MhicLeòid

Is thàinig tu led bhàirds' mun cuairt

Ghabh thu timcheall 'Chinn a Tuath

Dh'innis thu dhaibh gun gheilt gun ghruaim

Gur e 'n cuan a bha fo sròin

Mo bheannachd dhan bhàillidh ùr

'S tu fhèin a choisinn an cliù

Nuair a thàinig dùth le thrùp

Bho as air dhùthaich MhicLeòid

Is ùr a' chraobh on d' rinn thu fàs

Na bha fon talamh dhith 's gu h-àrd

Gun mhosgan am bun no 'm bàrr

Ach an giuthas àlainn òg

Mo bheannachd dhan bhàillidh ùr

'S tu fhèin a choisinn an cliù

Nuair a thàinig dùth le thrùp

Bho as air dhùthaich MhicLeòid

Is Dòmhnallaich sibh taobh air thaobh

Làmh dhearg as suaicheantas dhuibh

Long is bradan 's leòmhann, craobh

Gidheadh an is fraoch glas òg

Mo bheannachd dhan bhàillidh ùr

'S tu fhèin a choisinn an cliù

Nuair a thàinig dùth le thrùp

Bho as air dhùthaich MhicLeòid

Da da da da, da da da da da-ha da, da da da da