A Chatrion' Òg
کاور آهنگ A Chatrion' Òg از Julie Fowlis

A Chatrion' Òg

Uam from Me۱۳۹۵۴:۲۱

متن موزیک

A Chatrìon' òg 's tu rinn mo leòn

'S tu dh'fhàg fo bhròn 's fo mhulad mi

Mi 'n diugh 's an dè air cnoc leam fhèin

A' sileadh dheur 's mi turraman

Mi 'n diugh 's an dè air cnoc leam fhèin

A' sileadh dheur 's mi turraman

Ach 's i mo mhàthair rinn an tàmh

Nuair chuir i shealg na tunnaig mi

Ach 's i mo mhàthair rinn an tàmh

Nuair chuir i shealg na tunnaig mi

'S nuair ràinig mi an linne chaol

'S ann bha mo ghaol a' sruladh innt'

Nuair ràinig mi an linne chaol

'S ann bha mo ghaol a' sruladh innt'

'S e an gunna caol a rinn do leòn

'S cha dèan mi òirleach tuilleadh leatha

'S e an gunna caol a rinn do leòn

'S cha dèan mi òirleach tuilleadh leatha

'S ged thèid mi suas dhan a' bhail' ud shuas

Cha bhi mo chuairt ach dìomain ann

'S ged thèid mi suas dhan a' bhail' ud shuas

Cha bhi mo chuairt ach dìomain ann

'S ged thèid mi dhan taigh ud shìos

Cha chuir Catrìona furan orm

'S ged thèid mi dhan taigh ud shìos

Cha chuir Catrìona furan orm

O Rìgh nan Dùl cùm rium mo chiall

Cha robh mi riamh cho cunnartach

O Rìgh nan Dùl cùm rium mo chiall

Cha robh mi riamh cho cunnartach

'S a Chatrìon' òg 's tu rinn mo leòn

'S tu dh'fhàg fo bhròn 's fo mhulad mi