Oran Nan Raiders
کاور آهنگ Oran Nan Raiders از Julie Fowlis

Oran Nan Raiders

Cuilidh۱۳۸۵۳:۴۴

متن موزیک

O, 's ann tha na diùlnaich thall

Air an taobh ud dhen a' Bheinn

Fhuair iad fearann ann gun taing

Bhon an aingidh rinn am mealladh

O, 's ann tha na diùlnaich thall

Fhad 's a bhios an linn seo beò

Bidh cuimhn' air cainnteanas Lloyd George

Gheall na fearann do na seòid

Ach na thill beò dhiubh, 's mòr an gearain

O, 's ann tha na diùlnaich thall

'S nuair a thuig na gillean còir

Gun robh an Government fo sgleò

'S nach robh cainnteanas Lloyd George

Ach mar cheò a' falbh à sealladh

O, 's ann tha na diùlnaich thall

Chruinnich iad is fhuair iad pìob

'S am port a chluich iad Morair Sìm

'S cha robh fear a bha san sgìr'

Nach robh cruinn aig roinn an fhearainn

O, 's ann tha na diùlnaich thall

Thàinig Raghnall le mòr‑uaill

Le each 's le ghunna dol mun cuairt

'S gann a bhruidhneadh e le gruaim –

Thug e 'n dualchas ud bho sheanair

O, 's ann tha na diùlnaich thall

An Dotair Moireach, suas a chliù

Faic mar thagair e sa chùis

Thug e mach iad às an tùr

Gu an saors' a dheòin 's a dh'aindeoin

O, 's ann tha na diùlnaich thall

Sguiridh mise nis dhem dhàn

'S e mo dhùrachd sibh bhith slàn

Le bhur sabhail mhòra làn

Leis a' ghràn gu àird nan sparran

O, 's ann tha na diùlnaich thall

Air an taobh ud dhen a' Bheinn

Fhuair iad fearann ann gun taing

Bhon an h-aingidh rinn am mealladh

O, 's ann tha na diùlnaich thall