Bothan Àirigh Am Bràigh Raithneach
کاور آهنگ Bothan Àirigh Am Bràigh Raithneach از Julie Fowlis

Bothan Àirigh Am Bràigh Raithneach

Uam from Me۱۳۹۵۴:۵۹

متن موزیک

Gur e m' anam is m' eudail

Chaidh an-dè do Ghleann Garadh:

Fear na gruaig' mar an t-òr

Is na pòig air bhlas meala.

O hi ò o hu ò, o hi ò o hu ò,

Hi rì ri ò hu eile

O hì ri ri ri ò gheallaibh ò

Is tu as fheàrr don tig deise

De na sheasadh air thalamh;

Is tu as fheàrr don tig culaidh

De na chunna mi dh' fhearaibh.

Is tu as fheàrr don tig osan

Is bròg shocrach nam barrall:

Còta Lunnainneach dubh-ghorm,

Is bidh na crùintean ga cheannach.

An uair a ruigeadh tu 'n fhèill

Is e mo ghèar-sa a thig dhachaigh;

Mo chriosan is mo chìre

Is mo stìomag chaol cheangail.

Thig mo chrios à Dùn Eideann

Is mo bhrèid à Dùn Chailleann,

Gheibh sinn crodh as a' Mhaorainn

Agus caoraich à Gallaibh.

Is ann a bhios sinn 'gan àrach

Air àirigh am Bràigh Raithneach.

Ann am bòthan an t-sùgraidh

Is gur e bu dùnadh dha barrach.

Bhiodh a' chuthag 's an smùdan

A' gabhail ciùil duinn air chrannaibh;

Bhiodh an damh donn 's a bhùireadh

Gar dùsgadh sa mhadainn.