Do Chalum
کاور آهنگ Do Chalum از Julie Fowlis

Do Chalum

Gach Sgeul / Every Story۱۳۹۲۳:۱۷

متن موزیک

Chalum, a rùin,

On a dh' eug thu

'S airsnealach, tinn

As do dhèidh sinn;

Geàrr bha do rèis,

Geàrr do shaoghal,

Buan an creuchd

Bheum do dhaoine.

'S tusa bha mear,

èibhinn, aotrom,

Dealasach, ceart,

Eirmseach, daonda;

Fulganach, treun

Gleac ri eucail,

Gun fhiamh, gun ghealt

Ri uchd èig thu.

Sgoilear gun mheang,

Tuigseach, gleusda

Thionail ar fuinn,

Thruis gach sgeulachd.

Choisinn thu cliù

Thall an Èirinn

'S bhos an Alba

Mòr bha dh'fheum ort.

Blàth bha do chrìdh,

Fialaidh, mùirneach

Macanta, còir,

Coibhneil, fiùghant';

Fuaraidh an nochd

Aognaidh, tùrsach

Gaoth anns a' bheàrn

Nach gabh dùnadh.