An Eala Bhán
کاور آهنگ An Eala Bhán از Julie Fowlis, Eamon Doorley, Muireann Nic Amhlaoibh, Ross Martin

An Eala Bhán

Dual۱۳۸۲۴:۱۹

متن موزیک

Gur duilich leam mar tha mi

's mo chridhe 'n sàs aig bròn

Bhon an uair a dh'fhàg mi

Beanntan àrd a'cheò

Gleanntannan a'mhànrain

Nan loch, nam bàgh, 's nan stròm

's an eala bhàn 'tha tamh ann

Gach là air 'm bheil mi'n tòir

A Mhagaidh na bi tùrsach

A rùin, ged gheibhinn bàs

Cò am fear am measg an t-sluaigh

A mhaireas buan gu bràth?

Chan eil sinn uileadh ach air chuairt

Mar dhìthein buaile fàs

Bheir siantannan na bhliadhna sìos

's nach tog a'ghrian an àird

Air m'uilinn anns na truinnseachan

Tha m'inntinn ort, a ghràidh

Nam chadal bidh mi 'bruadar ort

Cha dualach dhomh bhith slàn

Tha m'aigne air a lìonadh

Le cianalas cho làn

's a ghruag a dh'fhàs cho ruadh orm

A-nis air thuar bhith bàn[Instrumental break]

Mas e 's gu bheil e 'n dàn dhomh

O'n bhlàr gu'n till mi beò

Is gu'm faic mi'n t-àite

's an deachaidh m'àrach òg

Bidh sinne 's crathadh làmh againn

Is bilean blàth toirt phòg

's mo ghealltanas bidh pàighte dhut

Le fàinne chur mu d'mheòir

Ach ma thig an t-àm

Is anns an Fhraing gu'm faigh mi bàs

's an uaigh gu'n tèid mo shineadh

Far éil na mìltean chàch

Mo bheannachd leis a'ghruagaich

A'chaileag uasal bhàn

Gach latha a dh'fhalbh gun uallach dhi

Gun nàire gruaidh na dhàil

Oidhche mhath leat fhéin, a rùin

Nad leabaidh chùbhraidh bhlàth

Cadal sàmhach air a chùl

Do dhùsgadh sunndach slàn

Tha mise 'seo 'san truinnsidh fhuair

Nam chluaisean fuaim a bhàis

Gun dùil ri faighinn às le buaidh

Tha'n cuan cho buan ri shnàmh