Buidheann Mo Chridhe Clann Ualrig
کاور آهنگ Buidheann Mo Chridhe Clann Ualrig از Mary Chapin Carpenter, Julie Fowlis, Karine Polwart

Buidheann Mo Chridhe Clann Ualrig

Looking For The Thread۱۴۰۳۴:۰۴

متن موزیک

'S olc a fhuair sinn crodh nam baran

Bodaich bheag' nam briogais gheala

Cha b' iad a b' urrainn air an fhalachd

Ach fir Strath-Eireann 's Strath-Narrainn

Buidheann mo chridhe Clann-Ualraig

Bheireadh iad suas na h-iomainean

Bheireadh iad crodh dhe na buailtean

'S chuireadh iad sluagh bho chinneachadh

'S olc a fhuair sinn crodh nan Ròsach

Is Clann-Chatain air an tòrachd

Baran liath na coise breòite

'S air mo dhaoine-s' rinn iad feòlach

Buidheann mo chridhe Clann-Ualraig

Bheireadh iad suas na h-iomainean

Bheireadh iad crodh dhe na buailtean

'S chuireadh iad sluagh bho chinneachadh[Drochaid]

'S a Chrò-chlach am Braigh Strath-Eireann

Oidhche dhorch' air nach bu léir dhaibh

'Cur nan saighdean ait a chéile

Thuit mo leannan 's deich fir threuna

Nuair a shaoil leam 'bhi gu uasal

Am bhean-taighe Achaluachrach

'S ann a tha mi gu bochd, suarach

'Bleoghann a chruidh 'feadh a bhuachair

Buidhеann mo chridhe Clann-Ualraig

Bheireadh iad suas na h-iomainеan

Bheireadh iad crodh dhe na buailtean

'S chuireadh iad sluagh bho chinneachadh

Buidheann mo chridhe Clann-Ualraig

Bheireadh iad suas na h-iomainean

Bheireadh iad crodh dhe na buailtean

'S chuireadh iad sluagh bho chinneachadh