Gràdh Geal Mo Chridhe

Gràdh Geal Mo Chridhe
متن موزیک
'S iomadh oidhche fhliuch 's fhuar
Ghabh mi cuairt 's mi leam fhin
Gus an d' ràinig mise 'n t-àit'
Far 'n robh gràdh geal mo chridh'
Bheir mi ò hu ò hò
Bheir mi ò hu ò hì
Bheir mi ò hu ò hò
'S mi fo bhròn 's tu gam dhith
Dhèanainn treabhadh dhuit is buan
Chumainn suas thu gun dith
Bheirinn as a' ghreabhal chruaidh
Do mo luaidh teachd an tìr
Bheir mi ò hu ò hò
Bheir mi ò hu ò hì
Bheir mi ò hu ò hò
'S mi fo bhròn 's tu gam dhith[Rann 3]
Ged nach eil sinn fhathast pòsd'
Tha mi 'n dòchas gum bi
Fhad' 's a mhaireas mo dhà dhòrn
Cha bhith lòn oirnn a dhith
Bheir mi ò hu ò hò
Bheir mi ò hu ò hì
Bheir mi ò hu ò hò
'S mi fo bhròn 's tu gam dhith






























