Tha mi Sgith 'n Fhogar Seo (feat. Griogair)
کاور آهنگ Tha mi Sgith 'n Fhogar Seo (feat. Griogair) از Griogair, Bear McCreary

Tha mi Sgith 'n Fhogar Seo (feat. Griogair)

متن موزیک

Tha mi sgìth 'n fhògar seo

Tha mi sgìth dhen an t-strì

Seo i 'n tìm dhòrainneach

Tha mi sgìth 'n fhògar seo

Ged a tha mi fon choille

Chan eil coire ri chòmhdach orm

Tha mi sgìth 'n fhògar seo

Thoir mo shoraidh thar linne

Dh'ionnsaidh 'ghlinne 'm bu chòir dhomh bhi

Tha mi sgìth 'n fhògar seo

Tha mi sgìth dhen an t-strì

Seo i 'n tìm dhòrainneach

Tha mi sgìth 'n fhògar seo

Thoir mo shoraidh le dùrachd

Gu Sgurr Ùrain,'s math m' eòlas ann

Tha mi sgìth 'n fhògar seo

'S a' Bheinn Ghorm tha mu coinneamh

Leam bu shoilleir a neòineanan

Tha mi sgìth 'n fhògar seo

Tha mi sgìth dhen an t-strì

Seo i 'n tìm dhòrainneach

Tha mi sgìth 'n fhògar seo

Thoir mo shoraidh le coibhneas

Gu Torr Luinnsich nan smèoraichean

Tha mi sgìth 'n fhògar seo

Suas is sìos tro Ghleann Seile

'S tric a leag mi 'n damh cròic-cheannach

Tha mi sgìth 'n fhògar seo

Tha mi sgìth dhen an t-strì

Seo i 'n tìm dhòrainneach

Tha mi sgìth 'n fhògar seo

Tha mi sgìth dhen an t-strì

Seo i 'n tìm dhòrainneach

Tha mi sgìth 'n fhògar seo